Seirbheis rèile troimh-chèile

Milleadh a rinn tuil Image copyright ScotRail Alliance
Image caption Sgàin pìob fon loidhne às sgàth tuil Diluain.

Tha an t-seirbheis rèile eadar Inbhir Nis agus Inbhir Ùige fhathast troimh-chèile às dèidh mar a chaidh loidhne ann an Gallaibh a dhùnadh.

Thug tuil air pìob fon loidhne eadar Forsan Àird agus Allt nam Breac sgàineadh.

Chaidh pàirt dhen loidhne a sguabadh air falbh agus chaidh an loidhne a dhùnadh Diluain.

Tha Rail Scotland agus ScotRail an dòchas gun tèid a fosgladh a-rithist Diardaoin agus gum bi seirbheisean an uair sin a-rèir a' chlàir-ama.