Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An t-Samhain 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte deònach suim airgid nas motha a thoirt dhan Aonadh Eòrpach mar dhòigh air còmhraidhean Brexit a ghluasad air adhart gu malairt ro dheireadh na bliadhna. Tha e coltach gu bheil iad a' tabhann suim eadar 40 billean agus 50 billean Euro - ged a tha Sràid Dhowning ag ràdh gu bheil an tomhais air an t-suim 's motha sin gu tur ceàrr.

Cosgaisean taghaidh

Tha polais a' rannsachadh chosgaisean taghaidh Jo Swinson, Leas-cheannard nan Libearalach Deamocratach. Tha e coltach gun deach gearan an t-seachainn seo chaidh mu bhall Shiorrachd Dhùn Breatainn an Ear ann an Westminster. Thuirt fear-labhairt dhan na Lib Deamaich gu bheil iad den bheachd nach eil an seo ach cleasan poileataigeach ris a bheil nàimhdean a' phàrtaidh.

Polais

Bheir Rùnaire a' Cheartais, Mìcheal MacMhathainn, aithris do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh air na trioblaidean aig Poileas Alba. Tha casg rè-ùine air sreath dhen na h-àrd oifigich 's casaidean ann mu eucoir agus droch ghiùlan. Dh'innis na Poilis an-dè gum bi àrd-oifigeach ùr ann a' cumail sùil air ìrean-obrach proifeiseanta.

Coirea a Tuath

Thuirt Coirea a Tuath gu bheil an deuchainn ballistic mu dheireadh a rinn iad a' dearbhadh gu bheil iad comasach air urchair a chur gu àite sam bith sna Stàitean Aonaichte. Tha eòlaichean den bheachd gu bheil an àirde dhan deach an urchair a' dearbhadh nam biodh i air cùrsa nas ìsle gu ruigeadh i Washington. Dh'iarr Sìona air gabh taobh gun dad a dhèanamh a chuireadh ris an èiginn.

Leeds

Tha gille, còig bliadhn' deug a dh'aois, fo chasaid gun do mharbh e còignear le dràibheadh cunnartach. Chaill dithis fhear agus triùir dheugairean am beatha nuair a bhuail càr ann an craobh oidhche Shathairne.

Croitearachd

Tha Coimisean na Croitearachd ag ràdh gur e mearachd a bhiodh ann toiseachadh air laghan croitearachd a dhealbh às ùr. Tha beachd a' Chomisein, ann am freagairt do cho-chomhairle an Riaghaltais, a' dol an aghaidh tòiseachadh às ùr, mar a dh'iarr buidhnean mar Comhairle nan Eilean Siar.