Triùir bhon Ghàidhealtachd an sgioba Gheamannan Cho-Fhlaitheis na h-Alba.

Costa an Òir Image copyright Richard Sowersby/BBC
Image caption Bidh Geamannan a' Cho-fhlaitheis air a' Chosta an Òir ann an 2018.

Chaidh 35 lùth-chleasaichean eile a thaghadh airson sgioba na h-Alba airson Gheamannan a' Cho-Fhlaitheis air Costa an Òir ann an Astràilia an ath-bhliadhna.

Bha triùir bhon Ghàidhealtachd nam measg - John Docherty à Inbhir Nis is Monadh Rois anns a' bhocsadh, Aedan Evans à Farrais anns an losgadh agus Karen Darke à Inbhir Nis anns a' Phara-Triathlon.

Tòisichidh Geamannan a' Cho-Fhlaitheis ann a' Ghiblean an ath-bhliadhna.

Tha 68 duine an dèidh bhith air an taghadh airson sgioba na h-Alba a-nis.

Thèid barrachd a thaghadh thairis air na mìosan a tha romhainn.