Sgoiltean ùra a dhìth an Inbhir Nis

Sgoilear

Bu chòir do Chomhairle na Gàidhealtachd prìomhachas a thoirt do bhith a' togail tuilleadh sgoiltean ann an Inbhir Nis, a rèir fhir de chomhairlichean a' bhaile.

Ged a tha dragh ann mu staid sgoiltean ann an sgìrean eile, an t-Ath Leathann nam measg, tha an Comh. Ailig Greumach ag ràdh gun deach Inbhir Nis fhàgail air dheireadh agus gu bheil cho làn 's a tha sgoiltean a' bhaile na dhearbhadh air sin.

"'S e seo aon de na bailtean anns an dùthaich a tha an dèidh a bhith a' fàs gu math luath airson iomadach bliadhna.

"Tha Inbhir Nis air a dhol bho 's mathaid timcheall air 20,000 ma thèid thu air ais gu toiseach na 20mh Linne a-nis, gu timcheall air 70,000.

Prìomhachas

"Tha e a' dol fhathast. 'S e sin aon de na duilgheadasan a th' againn mar bhaile 's mar sgìre.

"Tha muinntir Inbhir Nis gu math fortannach ann an tòrr dhòighean, leis mar a tha an eaconamaidh againn, tha tòrr ghoireasan againn.

"Ach 's e sin taobh eile an rud, ma tha baile a' leudachadh tha uallach air na seirbheisean poblach cumail suas ri sin, agus dèanamh cinnteach gu bheil goireasan, seirbheisean ann mar a tha am baile a' fàs.

"Chan urrainn dhut a bhith a' togail thaighean gun a bhith a' toirt foir dha rudan eile.

"Mar eisimpleir tha Ceangal-Rathad an Iar, rathad mòr ùr gu bhith a' fosgladh ann an cola-deug eile.

"'S e ceum mòr dhan bhaile a bhios an sin.

"Ach 's e an dragh a bh' ann an-diugh 's ann mu dheidhinn nan sgoiltean, agus a dh'aindeoin gun tàinig 12,000 neach a-steach dhan bhaile anns an ùine a bha iad a' bruidhinn mu dheidhinn, cha deach ach dà sgoil ùr a thogail, agus an sgoil Ghàidhlig.

"So tha e follaiseach nach robh sùil na Comhairle air goireasan foghlaim anns an ùine a bha sin.

"Tha sin a' fàgail a-niste suidheachadh far a bheil ochd sgoiltean anns a' bhaile seo "capped". Chan urrainn dhaibh clann a thoirt a-steach bho thaobh a-muigh na sgìre aca fhèin.

"Ach tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn a bhith mothachail nuair a tha sinn a' brudhinn mu dheidhinn sgoiltean, tòrr de na sgoiltean air Ghàidhealtachd chan eil iad cho math 's a bu chòir dhaibh a bhith.

"Ach a' chiad rud a dh'fheumas a bhith againn, 's e seòmar agus deasg, agus tidsear.

"Tha an cunnart ann an Inbhir Nis gu bheil sin a' ruith a-mach.

"'S e sin an rud a dh'fheumas a bhith aig mullach na liosta dha Comhairle na Gàidhealtachd. A' chiad rud 's e "capacity", agus an dàrna rud 's e staid nan sgoiltean."