Tìodhlaic Sir Paul McCartney

Eilidh NicLeòid Image copyright Teaghlach Eilidh NicLeòid
Image caption Bha Eilidh NicLeòid am measg an 22 duine a chaidh a mharbhadh ann an ionnsaigh Mhanchester.

Thèid tìodhlaic bho Sir Paul McCartney a reic aig rup airson airgead a thogail do theaghlaichean na dithis nighinn à Barraigh a chaidh a ghlacadh ann an ionnsaigh cheannairc Manchester Arena.

Chaidh Eilidh NicLeòid, 14, a mharbhadh agus chaidh a caraid Laura Nic an t-Saoir, 15, a leòn gu dona anns an ionnsaigh cheannairc a mharbh 22 duine air an 22mh là den Chèitean.

Bha a' chlann-nighean aig cùirm Ariana Grande còmhla ris na mìltean eile.

Thug Sir Paul clàran sònraiche bho na Beatles seachad airson an reic aig Bonhams.

Image copyright Teaghlach Laura Nic an t-Saoir
Image caption Chaidh caraid Eilidh, Laura Nic an t-Saoir, a leòn gu dona anns an ionnsaigh

Bha Eilidh anabarrach measail air ceòl agus bha i na pìobaire ann an Còmhlan Pìoba Sgoil Lìonacleit.

Thuirt a pàrantan, Ruairidh agus Marion, gu bheil iad air leth taingeil airson na tha Sir Paul air a dhèanamh, agus gun robh fialaidheachd dhaoine air an cuideachadh gu mòr às dèidh bàs Eilidh.

Thug athair Laura, Mìcheal Mac an t-Saoir, taing do Sir Paul cuideachd agus do dhaoine eile a th' air an cuideacheadh, is e ag ràdh gun cuidich an coibhneas seo Laura san àm ri teachd.

Image copyright PA
Image caption Thuirt neach-labhairt do Sir Paul gun robh e "toilichte cuideachadh".