Comhairle 'son coinneachadh ri RBS

Banca Rìoghail na h-Alba, Inbhir Narann
Image caption Tha RBS am beachd 62 meur den bhanca a dhùnadh air feadh Alba.

Tha Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Màiread NicDhàibhidh, ag iarraidh coinneamh èiginnach a chumail le Banca Rìoghail na h-Alba gus bruidhinn mu na planaichean gus meuran den bhanca a dhùnadh air feadh na sgìre.

Bhiodh e a' ciallachadh gum biodh feum aig cuid de dhaoine siubhal nas fhaide gus faighinn chun a' bhanca as fhaisge orra.

Tha RBS ag ràdh gu bheil barrachd dhaoine a' cleachdadh sheirbheisean a' bhanca air-loidhne an àite a bhith a' tadhal air na meuran aca.

Thuirt an Comh. NicDhàibhidh ge-tà, gu bheil bailtean air feadh na Gàidhealtachd a' crochadh gu mòr air na bancaichean ionadail aca.

"Bheir seo fìor dhroch bhuaidh air cuid de choimhearsnachdan.

"Tha tòrr seann daoine ann leis nach toil a bhith a' bancaireachd air-loidhne agus fiù 's le sin tha am bann-leathann truagh ann am mòran sgìrean.

Athchuingean

Thuirt i cuideachd gum bu chòir do dhaoine a dhol air an casan mu dheidhinn seo.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn coimhead air athchuingean agus rudan eile a dhèanamh gus fearg dhaoine a dhèanamh follaiseach.

"Dh'fhaodadh RBS a bhith air tighinn thugainn ron seo gus bruidhinn mu na roghainnean eile a th' ann," thuirt i.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
RBS a' fàgail inneal ATM am Barraigh

Tha am banca ann am Barraigh am measg na thathas am beachd a dhùnadh.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gun do gheall RBS inneal ATM fhàgail ann am Barraigh.

Ach tha e fhathast den bheachd gu bheil RBS a' dèanamh dìmeas air coimhearsnachdan iomallach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo