Ionmhas Comhairle Mhoireibh ga dheasbad

Coinnichidh comhairlichean ann am Moireibh Diluain a dheasbad phlanaichean gus dèiligeadh ri suidheachadh ionmhais na comhairle.

Air a' mhìos sa chaidh thuirt ceannard an ùghdarrais ionadail, Seòras Alexander, gum faodadh an t-ùghdarras a bhith banca-briste ro 2019 mura tèid barrachd airgid a thoirt dhaibh airson sheirbheisean.

Tha Comhairle Mhoireibh am measg trì ùghdarrasan ionadail a tha Coimisean nan Cunntasan ag ràdh a tha ann an cunnart ruith a-mach à airgead taobh a-staigh dà bhliadhna.

Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, gun deach dèiligeadh ri ùghdarrasan ionadail gu cothromach mar phàirt de bhuidseat na h-Alba.

Anns an t-Samhain dh'fhàg aona chomhairliche, Walker MacUilleim a' bhuidheann riaghlaidh 's e mì-toilichte mu na gearraidhean a bhathas a' moladh.

Thuirt e gun toireadh na planaichean 'son grunn leabharlannan a dhùnadh, am measg eile, bhuaidh mhòr air muinntir na sgìre a tha e a' riochdachadh.

D'fhàg comhairliche eile, Ryan Edwards, a' bhuidheann riaghlaidh an t-seachdainn sa chaidh, a' ciallachadh nach eil ach 13 comhairlichean sa bhuidhinn ann an comhairle far a bheil 26 ball.