Adhartas le tuath-gaoithe Uibhist a Tuath

Tuath-gaoithe

Chaidh adhartas a dhèanamh ann am pròiseict gus tuath-gaoithe coimhearsnachd a stèidheachadh ann an Uibhist a Tuath.

Tha grunn bhliadhnaichean ann bho chuir Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath tagradh a-steach 'son tuath-gaoithe le dà chrann.

Chaidh bacadh air a' ghnothach ge-tà, is Ministrealachd an Dìon (MOD) air dragh a thogail gum faodadh na crainn buaidh a thoirt air an radar aca aig Raon nan Rocaidean.

Tha a' chompanaidh leasachaidh a-nise dòchasach gun gabh an MOD ri atharrachaidhean teicnigeach san tagradh a leigeas leis a dhol air adhart.

Buannachd

Leis mar a tha taic-subsadaidh air atharrachadh bho chaidh an leasachadh a chur air adhart an toiseach, tha a h-uile coltas ann nach bi a' phròiseict cho luachmhor dhan choimhearsnachd 's a bhathas an dùil bho thùs.

Thathas a' tomhas a-nise gun cruthaich e mu £3m thairis air 20 bliadhna.

Chaidh aonta banca a dhèanamh mar-thà airson a' mhòr-chuid den airgead a tha a dhìth sa chiad dol a-mach.

Tha dùil gun tig an còrr bhon choimhearsnachd is thèid earrannan a thabhann orra tràth ann an 2018.

Tha Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath an dòchas gum bi an t-airgead aca sa Chèitean is gum biodh an tuath-gaoithe deiseil sa Mhàirt 2019.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile