Leasachaidhean haidro san amharc an Loch Abar

Sgeama Haidro Abhainn Airceig. Image copyright Craig Wallace / Geograph
Image caption Tha Sgeama Haidro Abhainn Airceig am measg an fheadhainn a thog Green Highland Renewables.

Dh'innis a' chompanaidh leis a bheil Leaghadair Aluminium a' Ghearasdain gu bheil iad a' dol a cheannach Green Highland Renewables.

Fàgaidh seo GFG Alliance mar thè de na companaidhean cumhachd ath-nuadhachail as motha am Breatainn.

Tha 18 stèiseanan haidro aig Green Highland Renewables air feadh na Gàidhealtachd.

Dh'innis GFG Alliance cuideachd gun tog iad 8 stèiseanan haidro air fearann leotha ann an Loch Abar.

Thuirt iad gum bi dealan bho na stèiseanan uile deatamach ann a bhith a' coileanadh amasan a thaobh stàilinn uaine a dhèanamh san Rìoghachd Aonaichte.

Chaidh Green Highland Renewables a stèidheachadh ann an 2007 is sgiobaidhean aca ann am Peairt is Inbhir Pheofharain.

Thuirt GFG Alliance gu bheil iad a' cur fàilte mhòir air na sgiobaidhean sin is air an eòlas a th' aca.

"Tha cliù air leth aig GHR a thaobh sgeamaichean haidro a thogail is a stiùireadh", thuirt Jay Hambro bho GFG Alliance.

"Tha àite fìor chudromach aig cumhachd haidro anns na planaichean againn is tha GHR am measg an fheadhainn as fheàrr a th' anns an roinn sin.

"Eadar goireasan ùra a leasachadh ann an Alba no sgeamaichean a th' againn mar-thà ann an Astràilia a chuideachadh, bheir iad dhuinn an t-eòlas is stiùir a tha a dhìth oirnne", thuirt e.

Tha GFG Alliance cuideachd a' dèanamh co-chomhairle an-dràsta air plana gus tuath-gaoithe luach £170m a thogail faisg air an Lagan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile