Cosgaisean lìbhrigidh 50% nas àirde anns na h-Eileanan

Parsailean Image copyright Getty Images

Fhuair rannsachadh a rinn Buidheann Coimhairleachaidh a' Phobaill (CAS) gu bheil daoine ann an an Eileanan na h-Alba a' pàigheadh suas ri 50% a bharrachd air cosgaisean lìbhrigidh an coimeas ri luchd-ceannaich ann am pàirtean eile den dùthaich.

Chaidh lorg gun robh muinntir a' Chinn a Tuath a' pàigheadh 30% a bharrachd sa chumantas.

Dh'iarr CAS air companaidhean lìbhrigidh obrachadh còmhla ri chèile agus leis an roinn phoblaich ann an oidhirp cosgaisean a lùghdachadh.

Fhuair an sgrùdadh cuideachd nach ann a-mhàin ann an sgìrean dùthchail a tha na cosgaisean àrda, ach gun robh iad a' toirt buaidh air a h-uile seòladh tuath air meadhan na dùthcha, bailtean Inbhir Nis agus Obar Dheathain nam measg.

Chaidh an diofar as motha fhaicinn ann am parsailean mòra.

An coimeas ris a' chosgais sa chumtantas do luchd-ceannaich ann am bailtean sa chòrr den Rìoghachd Aonaichte, fhuair an rannsachadh:

  • Gun robh cosgaisean lìbhrigidh 'son pharsailean beaga 13% nas àirde dhan Ghàidhealteachd 's na h-Eileanan
  • 'Son pharsailean nas motha (1-20kg) bha a' chosgais lìbhrigidh 23% na b' àirde
  • Gun deach a' chosgais a dhùblachadh do pharsailean eadar 20-30kg
  • Agus os cionn 30kg, bha prìsean ceithir uimhir na b' àirde

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan: "Tha daoine seachd searbh sgìth den t-suidheachadh a tha seo.

"Ged nach eil smachd aig Pàrlamaid na h-Alba air a' Phosta Rìoghail agus seirbhisean a' phuist, chan eil sin a' cur bacadh air buill bho thòrr phàrtaidhean eadar-dhealaichte air a' Ghàidhealtachd a bhith a' togail a' chuspair a tha seo, a' gearain mu na companaidhean agus cuideachd ag ainmeachadh nan companaidhean as miosa", thuirt e.

Thèid deasbad a chumail mun chùis aig Holyrood Diciadain.