Manaidsear ùr a dhìth air na Sgitheanaich

Pàirc nan Laoch Image copyright Dave Fergusson / Geograph

Tha Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' sireadh mhanaidseir ùir is Willie Cowie air a dhreuchd fhàgail.

Bha Cowie air na Sgitheanaich a stiùireadh air ais dhan Phrìomh Lìog am-bliadhna is iad air an Lìog Nàiseanta a bhuannachadh.

Ràinig iad cuideachd an iar-chuairt dheireannach de Chupa na Camanachd.

Thathas a' tuigsinn gum bi an cluba a' coinneachadh a dh'aithghearr gus bruidhinn air an t-slighe air adhart.

Tòisichidh an seusan ùr sa Mhàirt.