Rabhadh mu ghainnead thaighean ùra

Làrach togail

Thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gur dòcha nach tèid ach mu dhusan taigh ùr a thogail anns na sgìrean iomallach air taobh a-muigh Steòrnabhaigh air an ath shia bliadhna, ged a tha stòras de £70m ann eadar seo agus 2023.

Thuirt an Comh. Dòmhnallach gun do dh'aontaich a' Chomhairle plana fo am biodh leth nan taighean ùra sgapte air feadh nan eilean, ach gu bheil co-dhùnaidhean a ghabh a' Chomhairle ron seo a' cur a' phlana sin ann an cunnart.

Thuirt e gur e mearachd a bh' ann uimhir de thaighean a thogail faisg air Steòrnabhagh air an 40 bliadhna mu dheireadh, agus ged a tha iarrtas mòr ann airson taighean ùra air feadh nan Eilean, thuirt e nach deach sin riamh a choileanadh.