Cuideam air buidseat nan rathaidean

Rathad

Tha ceist mu choinneamh Comhairle nan Eilean Siar am bu chòir am prìomh rathad tro na h-Eileanan Siar a chur fo smachd Riaghaltas na h-Alba, mar a tha na prìomh rathaidean air Tìr-Mòr.

Thàinig seo agus a' Chomhairle ag innse gum biodh aca ri £44m a chosg gus rathaidean na sgìre air fad a thoirt gu ìre.

Chan eil ach nas lugha na £2m air a chomharrachadh gach bliadhna airson na h-ath sia bliadhna.

Tha 750 mìle de rathaidean eadar Nis an ceann a tuath na sgìre agus Bhatarsaigh mu dheas.

Rathad droma

Tha e air a bhith na amas rathad-droma nan Eilean a leasachadh bho chionn fhada, ach a rèir Chathraiche Còmhdhail na Comhairle, Uisdean Robasdan, tha seo a' coimhead gu math fad às fhathast.

"An fhreagairt mu dheireadh a fhuair sinn bho Mhinistear na Còmhdhail, nam biodh sinn airson leasachadh a dhèanamh air an rathad-droma 's e gum feumadh an t-airgead calpa a tha sinn a' faighinn bhon Riaghaltas", thuirt e.

"Gu math soilleir, chan eil airgead calpa gu leòr ann airson na rathaidean a chumail aig an ìre aig a bheil iad, gun airgead a chosg air leasachaidhean air rathad slighe an droma", thuirt Mgr Robasdan.

A rèir Mhgr Robasdan, tha buill na Comhairle a' faicinn gur dòcha gu bheil còmhraidhean eile a dhìth a thaobh an rathad-droma a chur fo smachd an Riaghaltais.

A' dùnadh

Thathas cuideachd a' cumail a-mach gum faodadh an aon ionad a tha a' measgachadh teàrr agus morghan anns na h-eileanan dùnadh, mura tèid barrachd a chosg air rathaidean na sgìre.

Tha an t-ionad air a bhith ann ùine fhada, agus a rèir Iar-Chathraiche Comataidh na Còmhdhail, Coinneach MacLeòid, bhiodh droch bhuaidh ann nan deadh a dhùnadh.

"Ma thèid an t-airgead calpa a tha sinn a' cosg air rathaidean a ghearradh, 's dòcha gun tèid an t-ionad-tearraidh a dhùnadh, agus cha bhiodh ionad-tearraidh ann an Leòdhas airson a' chiad uair bho 's cuimhne dhaoine.

"Cuideachd bhiodh sin a' ciallachadh gum biodh againn ri teàrr a thoirt bho Thìr-Mòr, agus tha sin a' dol a chosg tuilleadh airgid. Mar sin, thèid nas lugha a dhèanamh ma bhios againn ris an teàrr a thoirt bho Thìr-Mòr", thuirt Mgr Macleòid.