''Tàmailteach'' nach deach stad a chur air planaichean fiaclaireachd

Fiaclaireachd Image copyright PA
Image caption Tha moladh ann na trì ionadan fiaclaireachd ann an Uibhist a thoirt còmhla.

Tha luchd-strì tàmailteach nach do chuir Riaghltas na h-Alba stad air na planaichean gus ionadan fiaclaireachd Uibhist a dhùnadh gus am biodh sgrùdadh ceart ann.

Tha dragh ann gu bheil seirbheis na fiaclaireachd anns na coimhearsnachdan ann an Uibhist ann an cunnart, agus plana ann an t-seirbheis a stèidheachadh ann am Baile a' Mhanaich, seach na trì ionadan a th' ann.

Thug Riaghaltas na h-Alba gealltanas seachad Diardaoin gun toir iad sùil air na molaidhean.

Ach, tha luchd-strì a' gearain nach eil sgrùdadh oifigeil ga dhèanamh air planaichean Co-bhòrd Amalaichte Sheirbheisean Slàinte 's Cùraim nan Eilean Siar.

Tha neach-deasachaidh ''Am Pàipear'', ann an Uibhist, Iain Stephen Moireasdan, am measg na tha a' gearain nach eil sgrùdadh ann.

''Tha mi a' smaointinn gu bheil seo a-nis, gu ìre mhòir, a' tuiteam air luchd-poileataigs an argamaid a dhèanamh, 's a smaointinn dè a bhuaidh a dh' fhaodadh a bhith aige gum faodadh e a bhith comasach do bhùird amalaichte gnothaichean a dhèanamh gun chomas aig ministearan gnothaichean a tharraing a-steach.''

Thèid sùil a thoirt air

Thug am BPA Gàidhealach Rhoda Ghrannd a' chùis gu aire Phàrlamaid na h-Alba agus i ag ràdh gum bu chòir don Riaghaltas barrachd ùidh a ghabhail ann.

Thuirt i nach eil dòigh fhreagarrach ann co-dhùnadh Co-bhòrd Amalaichte Sheirbheisean Slàinte 's Cùraim nan Eilean Siar a sgrùdadh gu h-oifigeil, leis gur ann riuthasan a tha a' chùis an urra, seach bòrd na làinte.

Dh'iarr i air a' Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, dàil a chur air a' chùis.

Ged nach robh an Riaghaltas deònach stad a chur air obair a' bhùird, chaidh gealltainn gun dèigheadh sùil gheur a thoirt air.

Thuirt Nicola Sturgeon nach biodh e ceart dàil a chur air obair na buidhne.

''Tha dleastanas air na bùird ionadail seirbheisean a dhealbh agus piseach a thoirt orra 'son na coimhearsnachdan aca fhèin,'' thuirt i.

Dh'iarr i air Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, sùil a thoirt air a' chùis.

Feumaidh Co-bhòrd Amalaichte Sheirbheisean Slàinte 's Cùraim nan Eilean Siar £700,000 a bharrachd a shàbhaladh san ath dhà bhliadhna.