Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m

8 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha a h-uile dùil gun gluais còmhraidhean Brexit dhan dara ìre an dèidh do Theresa May siubhail dhan Bhruiseal tràth sa mhadainn le aonta air crìoch na h-Èireann, a' phuing air an do chur Deamocrataich an Aonaidh stad orra aig toiseach na seachdain. Thuirt ceannard an DUP, Arlene Foster, gu bheil beagan soilleireachaidh a dhìth fhathast. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Stugeon, ma tha cùmhnantan sònraichte sam bith ann do dh' Èirinn a Tuath gum feum dùthchanan eile na Rìoghachd Aonaichte an dearbh rud fhaighinn.

Poileas

Tha aithisg ùr ag ràdh nach deach cùis ghnothachais shingilte, mhionaideach a dhèanamh mus do ghabh Riaghaltas na h-Alba an co-dhùnadh Poileas Còmhdhail Bhreatainn a chur còmhla ri Poileas Alba ann an 2019. Thuirt an aithisg bho Àrd Inspector nam Poileas ann an Alba, Derek Penman, nach deach tomhas a dhèanamh air cosgaisean, neo buannachdan, agus gu bheil na companaidhean rèile ag iarraidh gealltanas mu cò air an tuit a' chosgais 'son a' ghluasaid sin.

Stoirm

Tha mu 500 dachaigh ann an Sealtainn, Arcaibh agus Gallaibh fhathast gun dealain an-diugh an dèidh stoirm an là an-dè. Tha sgoiltean dùinte cuideachd air feadh a' chinn a tuath le sneachda is reothadh a' fàgail chùisean doirbh air na rathaidean.

Fearann

'S ann dhan choimhearsnachd a bhuinneas cha mhor 3% de dh' fhearann na h-Alba a rèir fhigearan oifigeil. Tha 560,000 acair an sin agus a' mhòr-chuid dheth air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar. Tha Riaghltas na h-Alba a' cur romhpa gum bi 1,000 acair fo smachd coimhearsnachd ro dheireadh 2020.

California

Tha mìlltean dhaoine a tha a' fuireach ann an ceann a deas Chalifornia ag ullachadh 'son teicheadh às an dachannan agus teine a tha a' sgaoileadh gun smachd a' gluasad nas fhaisge orra. Chaidh na ceudan thogalaichean an losgadh gu làr agus 200,000 duine air an dachannan fhàgail mu thràth.

Flybe

Ged a tha Flybe a' tarraing a-mach à Sealtainn, tha iad ag ràdh nach eil dùil sam bith aca tarraing a-mach às na h-Eileanan an Iar. Sguiridh seirbheisean Flybe a Shealtainn tràth air a' Bhliadhn' Ùir. Tha eòlaichean den bheachd bho thòisich farpais eadar Flybe agus Loganair 's na h-Eileanan an Iar nach bi gu leòr luchd-siubhail ann a chumas an dà chompanaidh a' dol.