Geam Caley Thistle ga chur dheth

Caley Thistle Inbhir Nis Image copyright SNS Group Bruce White

Chaidh an geam eadar Caley Thistle Inbhir Nis agus an Eaglais Bhreac san Championship Disthairne a chur dheth ri linn an t-sneachd.

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air a' phairc aig 13:00 Dihaoine. Chaidh co-dhùnadh a dhèanamh an uairsin an geam a chur dheth.

Thèid a chluich a-nis air an 12mh den Dùbhlachd aig 19:45.

Tha Caley Thistle Inhhir Nis san ochdamh àite san lìog le 17 puingean às dèidh 15 geam, leis an Eaglais Bhric ochd puingean air dheireadh.