562,230 acair fo shealbh choimhearsnachdan

An Sgurr, Eilean Eige Image copyright Geograph/Gordon Hatton

Tha mu 562,230 acair, neo 2.9%, de dh'fhearann na h-Alba fo shealbh choimhearsnachdan, a rèir aithisg ùir.

Se targaid aig Riaghaltas na h-Alba gum bi millean acair ann an làmhan choimhearsnachdan ro dheireadh 2020.

Thuige seo tha 492 pìosan fearainn le 403 buidhnean coimhearsnachd air feadh na h-Alba, a rèir aithisg Àrd-neach Staitistig na h-Alba.

Tha na sgìrean as motha a tha fo shealbh choimhearsnachd air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar.

Ceann-bliadhna

Tha grunn eileanan beaga air am fearann aca a cheannachd.

San Ògmhìos chomharraich muinntir Eilean Eige 20 bliadhna bho cheannaich a' choimhearsnachd an t-eilean.

Ghabh eileanaich sealbh air an eilean ann an 1997 an dèidh bliadhnachan de dh'eus-aonta le na h-uachdarain nach robh a' fuireach sa sgìre.

Am measg nan àiteachan eile a tha fo smachd choimhearsnachd tha seann làrach an MoD ann an Ùige Leodhais.

Chaidh an stèisean reidio agus radar a stèidheachadh aig Gob a' Ghallain 60 bliadhna air ais, agus bha e mar phàirt de shiostam rabhaidh NATO an aghaidh bhàtaichean-àigeinn agus phlèanaichean Ruiseanach.

Cheannaich Urras Gob a' Ghallain an làrach bhon MoD le taic-ionmhais.