Rathad ùr Inbhir Nis fosgailte

Drochaid ùr air Abhainn Nis Image copyright Barry MacFarlane
Image caption 'S e 'Drochaid Muileann an Tuilm' an t-ainm a chaidh a thaghadh 'son na drochaid ùir ann am bhòt phoblaich.

Chaidh an leasachadh as motha air siostam trafaig Inbhir Nis ann an còrr is 20 bliadhna a chur an sàs Diluain.

Chaidh drochaid ùr a thogail tarsainn Abhainn Nis mar phàirt den pròiseact 'son 'An Ceangal an Iar' a leasachadh.

Tha iomadh bliadhna bho thòisichear a' beachdachadh air, agus tha am pròiseact air a bhith connspaideach.

Thathar an dòchas gum bi e na fhuasgladh do thrioblaidean trafaig a' bhaile.

Tha Inbhir Nis agus an sgìre mun cuairt air fàs gu mòr anns na bliadhnaichean mu dheireadh ach chan eil na rathaidean dha rèir.

Thòisichear a' bruidhinn air rathad ùr den t-seorsa seo ann an Inbhir Nis bho chionn 30 bliadhna.

Roghainnean

Tha duilgheadasan leis an trafaig air a bhith a' bualadh gu sònraichte air na sgìrean timcheall air a' chanàl, far am bi am prìomh rathad dùinte do charbadan nuair a bhios i fosgailte do bhàtaichean.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd ochd roghainnean mu choinneimh an t-sluaigh ann an 2011 'son taobh siar a' bhaile a cheangal ris an A82.

Leigeadh sin le càraichean meadhan a' bhaile a sheachnadh.

Am measg nan roghainnean, chaidh beachdachadh air tunail fon abhainn agus drochaid àrd os cionn a' chanàil.

Ach air a' cheann thall, dh'aontaich an t-ùghdarras ionadail air plana gus drochaid ìosal a thogail tarsainn Abhainn Nis agus dà dhrochaid eile tarsainn air a' chanàl.

Bha iomairt mhòr an aghaidh nam planaichean, a bheireadh buaidh air raointean goilf agus rugbaidh am measg eile.

Cead-dealbhachaidh

Ach thugadh cead-dealbhachaidh dhan phròiseact ann an 2014.

Bha dùil gun cosgadh an sgeama mu £27m nuair a chaidh a mholadh an toiseach.

Ach bha an t-suim sin air a dhol an-àirde gu mu £34m ann an 2013.

Agus tha na cosgaisean air a dhol suas bhon uairsin, 's dùil a-nis gun cosg am pròiseact gu lèir mu £55m.

'S e an rathad ùr, agus Drochaid ùr Muileann an Tuilm, a thèid fhosgladh gu h-oifigeil Diluain, a' chiad earrann den phròiseact.

Tòisichidh obair air an dàrna earrann an ath-bhliadhna.

Thèid an dàrna drochaid thar a' Chanàil Chaileanaich a thogail, agus tha aig a' Chomhairle ri raon goilf ùr a dhèanamh còmhla ri goireasan ùra a thogail dhan chluba rugbaidh.

Tha cuid air gearain nach e seo an seòrsa rathaid a bha a dhìth air Inbhir Nis ach "fiòr sheach-rathad" a thogail.

Ach thuirt Ceannard na Comhairle, Mairead NicDhàibhidh gur e am pròiseact seo an sgeama as freagarraiche dhan sgìre.