Tuilleadh airgid ga iarraidh le CNES

Iarraidh Comhairle nan Eilean Siar taic chalpa shònraichte air Riaghaltas na h-Alba, 's coltas ann gum bi an t-airgead calpa gu h-àraidh gann sa bhliadhn' ionmhais ri thighinn.

Tha Caidreachas nan Ùghdarrasan Ionadail, COSLA a' toirt rabhaidh gum faodadh dùil a bhith aig comhairlean ri gearradh de cho-dhiù 3%.

Thèid sin a dhearbhadh Diardaoin nuair a dh'fhoillsicheas Riaghaltas na h-Alba am buidseat aca,

Tha Comhairle nan Eilean cuideachd dol a dh'iarraidh gun tèid suil eile a thoirt air an dòigh anns a bheil airgead nan ùghdarrasan ionadail ga roinn a-mach, 's iad a' dèanamh dheth nach eil sin air a bhith cothromach dhan na h-Eileanan bho chionn ghreis.

Tha iad cuideachd an dòchas gum bi buannachd an cois Aonta nan Eilean a thèid a dhèanamh eadar na trì comhairlean eileanach agus an dà riaghaltas.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile