Foghlam Gàidhlig Dhùn Èideann ga ghluasad?

Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig Image copyright Google
Image caption Thathar a' meas nach bi àitean gu leòr ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig anns an ùine a tha romhainn airson na bhios ann de sgoilearan.

Tha dùil gun tòisich co-chomhairle neo-fhoirmeil sa Bhliadhn' Ùir mu bhith a' gluasad sgoilearan Gàidhlig Dhùn Èideann bho Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig gu Sgoil Coimhearsnachd Dhrummond.

Thathar a' meas nach bi àitean gu leòr ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig anns an ùine a tha romhainn airson na bhios ann de sgoilearan.

Thathar a' tomhais gum bi 1,537 sgoilear ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig ron bhliadhna 2021, 's gun rùm innte ach airson 1,300.

Tha Sgoil Coimhearsnachd Dhrummond faisg air Bun-sgoil Taobh na Pàirce agus tha beachd ann gun gabhadh goireasan a roinn eatorra.

Tha dùil cuideachd gum bi Bun-sgoil Taobh na Pàirce faisg air a bhith làn ro 2021.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile