Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m

11 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Cuiridh Theresa May dìon air an aonta dhan tàinig i ann an còmhraidhean Brexit Dihaoine nuair a bheir i fiosrachadh do bhuill ann an Taigh nan Cumantan an-diugh. Tha duil gun can i gu bheil an t-aonta 'son na còmhraidhean malairt a ghluasad air adhart a' cumail ris na h-amasan a chuir i roimhpe anns a' chiad àite.

Cìsean

Tha ceannardan gnìomhachais ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba àrdachadh chìsean a sheachnadh nuair a bheir iad dreach bhuidseat seachad Diardaoin. Tha dùil ri àrdachadh chìsean ach tha sgrùdadh a rinn Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid den ballrachd an aghaidh àrdachadh ann an cìs teachd-a-steach.

Ceangal an Iar

Tha seach rathad mòr ùr a' fosgladh gu h-oifigeil ann an Inbhir Nis an-diugh. Tha an Ceangal an Iar, tarsaing air Abhainn Nis, a' toirt nan trì prìomh rathaidean mun bhaile còmhla le dòchas gun tarraing e trafaig air falbh bho mheadhan a' bhaile.

Droch shìde

Tha sreath sgoiltean dùinte air tìr mòr na Gàidhealtachd agus anns an Eilean Sgitheanach an-diugh le buaidh na droch shìde air na rathaidean. Bha deigh dhubh na trioblaid agus bha busaichean sgoile glacte ann an trì diofar sgìrean ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.

Grenfell

Tha cathraiche an rannsachaidh phoblaich mu theine Tùr Grenfell a' cumail dà là de dh'èisteachd air ciamar a bhios an rannsachadh ag obair. Bidh Sir Màrtainn Moore-Bick a' sgrùdadh mar a bheir fianaisean fiosrachadh dhan rannsachadh. Chaill trì fichead duine 's h-aon deug am beatha san teine air taobh siar Lunnain anns an Òg-mhìos.

Banca Shasainn

Thuirt am Pàrtaidh Làbarach gum beachdaicheadh iad air pàirtean de Bhanca Shasainn a ghluasad gu ruige Birmingham, nam buannaicheadh iad aig an ath thaghadh choitcheann. Tha prìomh oifisean a' bhanca air a bhith ann an Lunnainn bho chaidh a stèidheachadh ann an 1694 ach tha na Làbaraich ag ràdh leis gu bheil e ann an Lunnain nach eil e a' toirt uimhir de spèis 's a bu chòir do sgìrean eile.

Tubaist-rathaid

Tha Poilis ag iarraidh fiosrachaidh mu thubaist-rathaid air taobh siar Rois a-raoir anns an deach duine a mharbhadh. Bha an duine, a bha 42, a' dràibheadh càr Audi A3, a chaidh far an rathaid faisg air Taigh-òsta Shrath Charrainn mu 7.30 a-raoir.