Rannsachadh air iasgach a' mhuirsgein

Muirsgean Image copyright Thinkstock

Tha dùil ri iarrtas bho na h-Eileanan an Iar airson rannsachadh oifigeil air iasgach a' mhuirsgein.

Thug Riaghaltas na h-Alba cead seachad do sgeama pìleat connspaideach air mar a thathas a' glacadh a' mhuirsgein, le bhith a' cleachdadh dealain.

Thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, gu bheil a h-uile bàta aig a bheil cead air cothrom fhaighinn tagradh a chur a-steach gus pàirt a ghabhail san rannsachadh.

''Bhon a' Mhàirt 2018 cha tèid aig bàtaichean iasgach airson a' mhuirsgein ach an fheadhainn a chur tagradh a-steach g' eil iad airson rannsachadh a dhèanamh ann an sgìrean sònraichte.

''Tha ceithir sgìrean anns an h-Eileanan an Iar far am faod iad iasgach agus dà sgìre eile air taobh an iar Alba.

''An lùib sin, bi e ceadaichte dhaibh iasgach a dhèanamh a' cleachdadh dealain ach an cois sin chan fhaod iad barrachd na 450kg a thoirt a-steach san là.

''Tha timcheall air còig anns an h-eileanan an-dràst' aig a bheil cead, ach tha seo a' fosgladh a-mach gu barrachd bhàtaichean.

''Airson gluasad air adhart, feumaidh fios a bhith againn dè seòrsa àireamh stoc a th' anns na diofar sgìrean airson de seòrsa riaghladh a thèid a dhèanamh air an iasgach às dèidh na bliadhna a tha romhainn,'' thuirt e.

Feumaidh iarrtas sam bith a bhith aig Riaghaltas na h-Alba ro dheireadh 2017.