Cead 'son 800 taigh a thogail an Inbhir Nis

Oifisean Comhairle na Gàidhealtachd

Thug comhairlichean na Gàidhealtachd taic do phlanaichean airson faisg air 800 taigh a thogail air taobh siar Inbhir Nis.

Togaidh a' chompanaidh Tulloch taighean agus flataichean, le ceithir làr ann an cuid dhiubh, ann an sgìre Thaobh Nis den bhaile.

Thèid na taighean a thogail ann an trì earrannan.

Bidh iad suidhichte ann an sgìre Thaobh Nis, faisg air Ceangal-Rathad ùr an Iar a chaidh fhosgladh Diluain.

Cead-dealbhachaidh

Bha oifigich a' moladh cead-dealbhachaidh a thoirt dhan phròiseact.

Ach chaidh dragh a nochdadh ann gun toir am pròiseact cruth-atharrachadh air a' cheàrnaidh sin den bhaile.

Bha an Comh. Coinneach Gowans den bheachd nach biodh e iomchaidh idir taighean anns a bheil ceithir làr a thogail anns a' bhaile.

Bha grunn dhaoine a tha fuireach san sgìre an aghaidh a' phroiseict cuideachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo