Aimsir a' dùnadh sgoiltean an Ros an Iar

Làraidh-sailidh Image copyright PA

Tha sreath sgoiltean dùinte air taobh siar Rois an-diugh a-rithist, le rathaidean fìor shleamhain, le deigh dhubh air mòran dhiubh an dèidh reothadh dian agus frasan uisge an-raoir.

'S iad na sgoiltean a tha dùinte:

Àrd-Sgoil Gheàrrloch

Bun-Sgoil Gheàrrloch

Bun-Sgoil Cheann Loch Iù

Bun-Sgoil Phuil Iù

Bun-Sgoil Shìldeig

Tha cuideachd Bun-Sgoil na Luirge dùinte, 's an togalach gun uisge, teas no cumhachd.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh e fiù 's doirbh dha na làraidhean sailidh aca greimeachadh air an rathad, agus gun tàinig air luchd-obrach gainmheach a chur fo na cuibhlichean le sluasaid mus gluaiseadh na làraidhean.