Seòmar-lannsa glan

Ospadal nan Eilean

Fhuair sgrùdadh gu bheil ìre mhath de ghlainead ann an seòmar-lannsa Ospadal nan Eilean Siar.

Thadhail luchd-sgrùdaidh bho Bhuidhinn-Sgrùdaidh na h-Àrainneachd Cùram-Slàinte gun fhiosta air an ospadal ann an Steòrnabhagh san Damhair.

Ann an aithisg ùir tha iad ag ràdh gun d' fhuair iad gu bheil "ceannas deimhinnteach ann a thaobh galairean a smachdachadh agus a sheachnadh".

Chuir NHS nan Eilean Siar fàilte air an aithisg.