Modh ga iarraidh bho luchd-siubhail

Bàt-aiseig Image copyright Caledonian Mac a' Bhriuthainn

Dh'fhoillsich Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil aig an luchd-obrach aca ri dhèiligeadh ri barrachd is barrachd de luchd-siubhail bhagarrach.

Thug a' chompanaidh eisimpleir de dhuine a leum suas air mullach deasga tiocaid 's e a' gearain gu feargach ri luchd-obrach mu sheòladh.

Chaidh na Poilis a ghairm, agus chaidh an duine a chur an grèim.

Chaidh cuideachd maoidheadh air luchd-obrach, agus chaidh droch chainnt a chleachdadh riutha air bòrd shoithichean agus aig puirt le luchd-siubhail a bha leis an deoch.

Thuirt Stiùiriche Sàbhailteachd, Àrainneachd agus Tèarainteachd ChalMac, Louis de Wolff: "'S e sàbhailteachd an luchd-obrach againn fear de na rudan dha bheil sinn a' toirt prìomhachais, agus o chionn ghoirid chunnaic sinn àrdachadh beag air na th' ann de luchd-siubhail bhagarrach a tha gan giùlain fhèin ann an dòigh nach gabh fhulang. Cha ghabhar ri seo.

"Le daoine gu bhith a-muigh gu sòisealta barrachd thairis air an Nollaig 's a' Bhliadhna Ùir, shaoil sinn gur e deagh àm a bha seo na h-ìrean giùlain ris a bheil sinn an dùil bho luchd-siubhail a dhaingneachadh.

"Tha deagh sheirbheis cudromach dhuinn, agus tha sinn an-còmhnaidh ag obair gus an dòigh sam bi sinn a' dèiligeadh ri luchd-siubhail a leasachadh, ach tha sinn an dùil gum faigh sinn an aon mhodh air ais."