Liosta Aonta nan Eilean

Arcaibh Image copyright Thinkstock
Image caption Tha dòchas ann gun tig airgead mòr an cois an aonta.

Tha dùil ri liosta tràth an ath-bhliadhna de na pròiseactan a gheibh taic bho Aonta nan Eilean.

Tha Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn uile an lùib an aonta, còmhla ri Riaghaltasan na h-Alba agus Westminster, 's dùil gun tarraing e na milleanan Notaichean a-steach dha na h-eileanan.

Tha dùil ris a' chiad dheasbad air a' bhile sa Ghearran an ath-bhliadhna.

Mar phàirt den bhile thèid feuchainn ri dìon a chur air na h-eileanan bho laghan a thèid a thoirt a-mach 'son a' chòrr den dùthaich 's a dh'fhaodadh a bhith dona dhaibh-san, neo "island-proofing" mar a th' aca air.

Bithear cuideachd a' feuchainn ri dèanamh cinnteach gum faigh na h-eileanan an cuibhreann fhèin den airgead leasachaidh airson Alba gu lèir - rud a tha na comhairlean a' faireachdainn nach eil iad an-còmhnaidh air a bhith a' faighinn thuige seo.

Fhuair Inbhir Nis agus a' Ghàidhealtachd £315m tro Aonta Baile, agus mhiannaicheadh Comhairle nan Eilean Siar gur e suim coltach ri sin a thigeadh an cois Aonta nan Eilean, ged nach eil e air a dhearbhadh fhathast dè na thig de dh'airgead.

Cosnaidhean

Tha obraichean a chruthachadh, agus gu h-àraidh an òigridh a chumail, am measg nan amasan a tha mu choinneimh nan comhairlean le Bile nan Eilean.

Tha buaidh Bhrexit air leithid na tha na sgìrean eileanach a' faighinn de dh'airgead Eòrpach, agus a' bhuaidh a bheir e air àiteachas agus an t-iasgach cuideachd fon phrosbaig.

Chaidh oifigear fhastadh leis na trì comhairlean airson Bile nan Eilean a thoirt air adhart.