Buaidh Bhrexit aig tuath

Ulapul Image copyright Thinkstock
Image caption Tha dùil gur ann à dùthchannan an EU a tha aonan às gach deichnear air a' Ghàidhealtachd.

Cluinnidh comhairlichean Gàidhealach Diardaoin gum faodadh Brexit buaidh a thoirt air na th' aca de luchd-obrach.

Thathas a' tomhais gur ann à dùthchannan an Aonaidh Eòrpaich a tha aonan às gach deichnear a tha a' fuireach air a' Ghàidhealtachd, 's tha cuid dhiubh sin ag obair dhan ùghdarras ionadail.

Tha an aithisg a' toirt rabhaidh gur dòcha gun roghnaich cuid de shaoranaich Eòrpach an sgìre fhàgail 's ceist orra mu na thachras dhaibh nuair a dh'fhàgas Breatainn an t-Aonadh Eòrpach.

Tha mar a tha an sluagh a' fàs nas sine dualtach an suidheachadh a dhèanamh nas miosa, tha iad ag ràdh.

Tha an aithisg ag ràdh gum feumar dòigh a lorg airson barrachd òigridh a chumail air a' Ghàidhealtachd, agus feadhainn a dh'fhàg a thàladh air ais.

Thathas cuideachd a' moladh dòighean a lorg 'son a' Ghàidhealtachd a dhèanamh nas tarraingiche do luchd-obrach Eòrpach, agus coimhead ri mar as urrainnear leigeil le daone nas sine cumail orra ag obair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile