Balach-sgoile air bàsachadh an Leòdhas

Sgoil Mhicneacail

Bhàsaich sgoilear às dèidh tachartais aig Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh Dimàirt.

Chaidh na seirbheisean-èiginn a ghairm chun na sgoile mu 2:30f.

Chaidh am balach, a bha 15, a thoirt a dh'Ospadal nan Eilean Siar, ach bhàsaich e an sin.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad a' cur siostaman-taice air bhog airson luchd-teagaisg agus sgoilearan a tha a' frithealadh Sgoil MhicNeacail.

Thuirt Poileas Alba nach robh càil amharasach mun chùis agus gun deadh aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin.