Taighean ùra Inbhir Nis
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Plana airson na ceudan thaighean a thogail air taobh siar Inbhir Nis a' faighinn taic

13 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'aontaich comhairlichean Gàidhealach taic a chuir ri plana airson na ceudan de thaighean a thogail air taobh siar Inbhir Nis.

Bha cuid do mhuinntir a' bhaile air cur an aghaidh a' phlana gus còrr air 750 taigh a thogail agus iad den bheachd gum faodadh bòidhchead an àite a bhith air a mhilleadh.

Ach tha an luchd-leasachaidh airson brath a ghabhail air na cothroman a tha an lùib rathad ùr na sgìre a dh'fhosgail Diulain.