Cead do thuathanas-eisirean am Barraigh

An Tràigh Mhòr

Chuir comhairlichean taic ri iarrtas dealbhachaidh airson tuathanas-eisirean aig ceann a deas na Tràigh Mòire ann am Barraigh.

Bha gearainean ann bho dhaoine aig a bheil taighean a tha a' coimhead a-mach air an tràigh far am bi cuid de na ceidsichean anns am bi na h-eisirean a' fàs.

Ach dh'aontaich comhairlichean an leasachadh a leigeil air adhart.

Tha comhairliche na sgìre, Dòmhnall Manford, a' cur a làn-thaic ris.

"Tha e a' dol a dhèanamh feum mhòir dhan choimhearsnachd agus dha eaconamaidh an eilein," thuirt e.

"A h-uile sgath a ghabhas toirt air n-aghaidh air obair mhaoraich, obair a' chladaich, obair an uisge mu thimcheall oirnn, agus mar as motha a ghabhas sin toirt air n-aghaidh 's ann as fheàrr.

"Agus feumaidh sinn daonnan a bhith cuideachail airson toirt air sin tachairt," thuirt e.

Bha gearainnean ann gun robh an leasachadh a' dol a mhilleadh sealladh an àite, gu h-àraid aig muir-ìosal.

"Tha a h-uile sgath dheth sin fìor," thuirt Mgr Manford.

"'S e àite air leth ainmeil a th' anns an Tràigh Mhòir. Tha e daonnan air a dhealbhachadh, agus 's e far am bi daoine a' falbh airson coimhead mun cuairt agus airson toileachadh fhaighinn às an àite.

"Agus tha e a' cur dragh air an t-uabhas dhaoine nach tèid truailleadh no milleadh a dhèanamh.

"Agus daonnan, daonnan, anns na suidheachaidhean sin, feumar - agus 's e sin a bha tro na buill an-diugh - coimhead 's tomhas gu dè mar a tha aon phàirt dheth sin a' dol a bhualadh air a' phàirt eile," thuirt e.