Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Dh'èirich an àireamh a tha gun chosnadh an Alba, ged a tha nas lugha ann air feadh Bhreatainn. Bha 8,000 a bharrachd gun obair an Alba eadar an Lùnastal agus an t-Samhain, suas gu 114,000. Air feadh na Rìoghachd Aonaichte bha 56,000 nas lugha gun obair, aig 1.43m. Agus tha na figearan bho Oifis na Staitistig Nàiseanta, ag ràdh gu bheil prìsean a' sìor fhàs nas luaithe na tha tuarastail.

Brexit

Sgrìobh Rùnaire Bhrexit, Dàibhidh Davis, dhan a h-uile Ball-Pàrlamaid Tòraidheach, a' gealltainnn gum faigh iad bhòt air an dreach mu dheireadh den bhile airson falbh às an Aonadh Eòrpach. Tha esan an dòchas gun seachainn sin call dhan Riaghaltas ann am bhòt a-nochd, agus e coltach gu bheil suas ri 20 ball Tòraidheach am beachd bhòtadh an aghaidh phlanaichean an Riaghaltais airson Bhrexit.

An t-Iasgach

Thuirt Rùnaire Dùthchail na h-Alba, Fearghas Ewing, gur e dè thig an dèidh Bhrexit as motha dragh do ghnìomhachas an iasgaich. Thàinig còmhraidhean anns a' Bhruiseil gu aonta mu chuota nas motha dhan trosg, adag agus mac-làmhaich anns a' Chuan a Tuath, ach gearradh anns an rionnach agus ann an iasgach a' mhuasgain-chaoil air a' chosta an iar. Thuirt Caidreachas Iasgairean na h-Alba nach fhaod dùthchannan eile an EU gnìomhachas an iasgaich a chleachdadh mar dhòigh air Breatainn a pheanasachadh.

Teine

Tha dithis fo chasaid 's ri nochdadh anns a' chùirt mu theine aig taigh ann an Salford faisg air Manchester Diluain anns an do chaill triùir chloinne am beatha. Tha Zac Bolland, a tha 23, agus Courtney Brierley, a tha 20, à Worsley, fo chasaid gun do chuir iad teine le eucoir, agus ceithir casaidean gun do dh'fheuch iad ri murt a dhèanamh.

Alabama

Tha mòr-chuid a' Chinn-Suidhe Trump ann an Seanadh nan Stàitean Aonaichte nas lugha buileach a-niste an dèidh do thagraiche nam Poblachdach, Roy Moore, call anns an taghadh ann an Alabama. Bha Mgr Moore air a bhith fo amharas mu dhol-a-mach mì-choltach an aghaidh bhoireannach. 'S e an duine a bhuannaich, Doug Jones, a' chiad Sheanadair Deamocratach a th' aig Alabama ann an 25 bliadhna.

Leanabh

Thàinig leanabh a rugadh le a cridhe air taobh a-muigh a bodhaige beò tro obair-lannsa aig ospadal Glenfield ann an Leicester. Rugadh Vanellope Hope Wilkins bho chionn trì seachdainnean, agus chaidh i fo lannsa trì tursan on uair sin airson a cridhe a chur far am bu chòir dha a bhith.