Tiodhlac Shir Paul McCartney air a reic

Eilidh NicLeòid Image copyright Teaghlach Eilidh NicLeòid
Image caption Bha Eilidh NicLeòid à Barraigh am measg an 22 duine a chaill am beatha san ionnsaigh.

Chaidh tiodhlac bho Sir Paul McCartney a reic aig rùp ann an Lunnainn air còrr is £3,000, leis an airgead a' dol gu teaghlaichean à Barraigh a dh'fhulaing ann an ionnsaigh bhoma Mhanchester sa Chèitean.

Bhàsaich Eilidh NicLeòid, a bha 14, agus chaidh a caraid Laura Nic an t-Saoir, 15, a dhroch leòn san ionnsaigh cheannairc, san deach 22 duine a mharbhadh air an 22na là den Chèitean.

Bha an dithis air a dhol sìos gu cuirm-ciùil Ariana Grande.

Image copyright Teaghlach Laura Nic an t-Saoir
Image caption Chaidh caraid Eilidh, Laura Nic an t-Saoir, a dhroch leòn san ionnsaigh.

Thug Sir Paul cruinneachadh sònraichte de cheòl nam Beatles, le ainm sgrìobhte air, seachad airson a reic gus airgead a thogail a chuidicheadh nan teaghlaichean aca.

Chaidh an cruinneachadh de dhiosgaichean - a chaidh a chruthachadh gus 50 bliadhna a chomharrachadh bho chaidh Sgt Pepper's Lonely Hearts Club Band a thoirt a-mach - reic Diciadain aig taigh rùp Bonhams ann an Lunnainn, air £2,700, leis an luchd-rùp cuideachd a' toirt seachad a' choimisein aca.

Bha ùidh mhòr aig Eilidh ann an ceòl, agus i na pìobaire ann an còmhlan pìoba Sgoil Lìonacleit.

Thug a pàrantan, Ruairidh agus Marion, an taing do Shir Paul, 's iad ag ràdh gun robh na rinn e "air leth coibhneil".

Thuirt athair Laura, Mìcheal Mac an t-Saoir, gun robh an tiodhlac "na thabhartas iongantach, sònraichte".