Luchd-turais a' seachnadh an Leathaid

An Leathad Image copyright Chris Downer/Geograph

Tha coimhearsnachd ann an Dùthaich MhicAoidh ag ràdh gu bheil iad a' call na buannachd a tha bailtean eile a' faighinn o shlighe turasachd an NC500, ri linn 's nach eil bann-leathann sa bhaile aca.

Tha trì taighean leabaidh is breacaist agus làrach campachaidh air an Leathad, air Loch Euraboil, beagan mhìltean an ear air Diùrnais.

Ach tha muinntir a' bhaile ag ràdh nach cuir luchd-turais an oidhche seachad ann seach nach fhaigh iad WiFi.

Thòisich iad athchuinge a thèid a chur gu Pàrlamaid na h-Alba, ris an do chuir na ficheadan de luchd-turais an ainm.

Trioblaid Mhòr

"Tha e ga dhèanamh nas duilghe dha na daoine seo, oir ge b' e càite an tèid thu san t-saoghal, fiù 's san Amazon, gheibh thu bann-leathann," thuirt Uisdean MacIllIalain, bho Chomataidh Baile an Leathaid.

"Ach chan fhaigh thu e air an Leathad no gu leòr de dh'àiteachan an Diùrnais, no àiteachan eile air a' chosta a tuath.

"Mar sin dhomhsa 's e trioblaid mhòr a th' ann.

"Tha dùil aig na daoine seo gum bi e aca.

"Bidh sinne air an Leathad a' pàigheadh nan aon chìsean ri duine sam bith eile san dùthaich.

"'S tha a' cheart uimhir de dh'fheum againn air 's a th' aig muinntir Ghlaschu no Dùn Èideann, no ge b' e càite.

"Cha tig daoine a dh'fhuireach dhan iar-thuath mura bi an goireas seo aca.

"Tha mi eòlach air daoine a tha ag iarraidh tighinn a dh'fhuireach ann. Fiù 's mo mhac fhèin. Tha esan ag iarraidh barrachd obrach a dhèanamh bhon Leathad, ach chan urrainn dha.

"Dh'fhaodadh e a chuid obrach a dhèanamh air an Leathad nam biodh bann-leathann ceart againn. Ach chan eil".