Misneachd ann an iasgach nan Eilean Siar

Iasgacg

Tha an àireamh dhaoine anns na h-Eileanan an Iar a tha a' cur airson taic-airgid airson bàt-iasgaich ùr a cheannach a' toirt misneachd mhòir dhan ghnìomhachas.

Tha Sgeama nan Iasadan Iasgaich air a stiùireadh tro Business Gateway aig Comhairle nan Eilean Siar.

Tha iadsan ag ràdh gu bheil àireamh mhòr fhathast a' tighinn air adhart 'son cuideachaidh.

Thuirt Joe Mac a' Phì bho roinn leasachaidh na Comhairle gun do chuidich iad còrr is 40 neach tòiseachadh ann an gnìomhachas san fharsaingeachd agus gu bheil iad, mar as trice, os cionn nan targaidean aca airson na bliadhna.

A thuilleadh air sin thuirt e gu bheil iad a' toirt taic do chòrr is 300 neach, agus gu bheil iad a' ruith bhùithdean-obrach do dhaoine ann an gnìomhachas neo a tha ag iarraidh gnìomhachas a thòiseachadh.

Bha còrr is 500 neach aig na bùithdean-obrach sin sna bliadhnaichean a chaidh seachad.

"Tha na h-àireamhan sin math agus tha sin ga shealltainn fhèin leis na tha de dh'iarrtasan a' tighinn a-staigh dhan t-seirbheis agus na tha sinn a' faicinn de dhaoine a tha ag iarraidh gnìomhachas a thòiseachadh," thuirt Mgr Mac a' Phì.

Prìomhachas

Thuirt Mgr Mac a' Phì gun robh prìomhachas ga thoirt do dhuine sam bith a tha ag iarraidh a bhith ag iasgach agus gun robh mòran dhaoine òga a' faighinn taic bhon sgeama iasgaich aca.

"Tha sinne a' toirt seachad iasadan air ìre rèidh gu math iosal agus gu h-àraid ann an Uibhist agus ann am Barraigh tha an t-uabhas iarrtasan air a bhith againn thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad.

"Tha sinn a' feuchainn ri prìomhachas a thoirt seachad do roinnean den eaconamaidh far a bheil sinn a' faicinn far a bheil fàs agus far a bheil sinn a' faicinn far a bheil cothrom, ach mar a tha sinn ag obair tha sinn a' toirt cothrom do dhuine sam bith.

"Nuair a chuireas iad a-staigh am plana-gnìomha aca feumaidh iad a bhith a' dearbhadh dhuinn gu bheil seo a' dol a dh'obrachadh, ach a thaobh prìomhachais agus a thaobh far a bheil an t-airgead a' dol, tha e follaiseach gur ann gu h-àraid gu gnìomhachas an iasgaich a tha an t-airgead as motha a' dol," thuirt Mgr Mac a' Phì.

'S e seirbheis nàiseanta a th' ann am Business Gateway ach a tha a' faighinn taic bhon ùghdarras ionadail.

Le gearraidhean ann an seirbheisean poblach, sa chumantas, tha Mgr Mac a' Mac a Phì a' gabhail ris gu bheil cunnart ann gur dòcha gum bi gearraidhean san t-seirbheis acasan san àm ri teachd.

Ach tha e an dòchas nach tachair sin leis gu bheil a' Chomhairle a' cur uimhir de luach san sgeama agus leis gun deach uimhir de dh'obraichean a chruthachadh leis an t-seirbheis thuige seo.