Tuilleadh obrach do chompanaidean ionadail?

Bheir Comhairle nan Eilean Siar sùil eile air na riaghailtean mu phròiseactan calpa, feuch an gabh tuilleadh obrach a thoirt do chompanaidhean togail ionadail.

Tha companaidhean eileanach a' gearain nach fhaigh iadsan cothrom ceart air pròiseactan mòra, leithid sgoiltean ùra, agus gur e companaidhean bhon taobh a-muigh a thig a-steach airson an obair sin a dhèanamh.

Tha a' Chomhairle ag ràdh ge-tà, gun d' fhuair companaidhean ionadail earrann den obair sin, agus gur ann a thàinig àrdachadh air na chaidh de dh'obair do chompanaidhean ionadail air a' bhliadhna a chaidh seachad.

Thuirt Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, ged a ghabhadh cùmhnantan mòra a bhriseadh an-àirde airson cothrom na b' fheàrr do chompanaidhean ionadail, gum feum iad dèanamh cinnteach cuideachd gun cuir iad cùmhnantan a-mach anns an dòigh as èifeachdaiche a thaobh ionmhais.

Pròiseactan mòra

Tha grunn phròiseactan mòra fa chomhair na Comhairle, leithid ospadail ùir ann am Barraigh agus taighean ùra, agus thuirt Tormod Dòmhnallach gum faod a' Chomhairle cur a-steach dha na cùmhnantan sin, ma 's ann gu companaidh taobh a-muigh nan eilean a thèid iad, gum feum iad fhathast cuibhreann den obair a thoirt do chompanaidhean ionadail.

"Bha eisimpleir math againn den sin nuair a thog sinn na sia sgoiltean a chaidh a thogail anns na còig neo sia bliadhna a chaidh seachad far an robh co-dhiù dàrna leth an airgid air a chosg leis a' chontractor a bha a' dèanamh nan sgoiltean air fad a bhith a' fastadh a-steach chompanaidhean togail aig ìre ionadail agus bha buannachd mhòr a' sìoladh a-mach dhan choimhearsnachd air fad a thaobh sin."

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile