Deasbad sa Phàrlamaid mu RBS

Banca Rìoghail na h-Alba, Inbhir Narann
Image caption Tha RBS am beachd 62 meur den bhanca a dhùnadh air feadh Alba.

Tha am BPA Gàidhealach Cèit Fhoirbeis air deasbad bhall fhaighinn ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin mu phlanaichean Bhanca Rìoghail na h-Alba 62 meur a dhùnadh ann an Alba.

Tha mòran bhancaichean air a' Ghàidhealtachd - agus an aon bhanca ann am Barraigh - am measg na tha Banca Rìoghail na h-Alba am beachd dùnadh.

Tha Cèit Fhoirbeis ag iarraidh air a' Phàrlamaid taic a chur ri rùn a tha ag aithneachadh gur ann air seann daoine agus daoine so-leònta as motha a bheireadh seo buaidh, gu h-àraidh ma dh'fheumas iad siubhal còrr air uair de thìde airson faighinn gu banca eile.

Westminster

Chaidh cùis nam bancaichean cuideachd a thogail ann am Pàrlamaid Westminster Diciadain le Ceannard an SNP aig Westminster Iain Blackford, 's e ag iarraidh air a' Phrìomhaire gnothach a ghabhail ri planaichean RBS.

Na freagairt, thuirt Theresa May gu bheil barrachd dhaoine air tionndadh gu seirbheisean bancaireachd air loidhne, ach gun robh i mothachail air a' bhuaidh a bheireadh dùnadh nam bancaichean air a' phoball.

Tuilleadh air an sgeulachd seo