An RSPB a' cur an aghaidh raoin ghoilf ùir

Machaire a' Chaoil Image copyright Alison Searl/RSPB Scotland
Image caption Tha na planaichean air sgaradh bheachd adhbharachadh.

Cuiridh Buidheann Rìoghail Dìon nan Eun an gearan aca mu raon ghoilf ùr aig Eurabol, faisg air Dòrnach ann an Cataibh, a-steach Diardaoin.

Tha an RSPB am measg sia buidhnean glèidhteachais a tha a' cur an aghaidh an leasachaidh, a tha ga chur air adhart le dithis fhear-gnothachais Aimeireaganach.

Tha a' bhuidheann a' cumail a-mach gun dèanadh an leasachadh call air àrainneachd anns a bheil gnèithean sònraichte de dh'eòin, dealain-Dè agus lusan a' tighinn beò.

Tha an luchd-leasachaidh, Mike Keiser 's Todd Warnock, a' cumail a-mach ge-tà, gum biodh buannachd mhòr ann dhan eaconamaidh ionadail a thaobh turasachd ma thèid a leigeil air adhart.

Tuilleadh air an sgeulachd seo