Rabhadh mu bhuidseat Comhairle na Gàidhealtachd

Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid innse do chomhairlichean na Gàidhealtachd gum faodadh gum bi toll de chòrr 's £140m sa bhuidseat aca thairis air an ath-chòig bliadhna.

Dh'fhaodadh gum bi aca ri barrachd airgid a chùmhnadh ma thèid gearradh nas motha a dhèanamh air an t-suim airgid a tha iad a' faighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Bho 2010 tha Comhairle na Gàidhealtachd air gearraidhean de chòrr 's £100m a chur an sàs.

Tha sin air buaidh a thoirt air iomadach seirbheis agus ceàrnaidh den Ghàidhelatachd

Gearraidhean

Innisidh oifigeach ionmhais an ùghdarrais Diardaoin gum bi aca ri gearraidhean de chòrr 's £150m a dhèanadh thairis air an ath-chòig bliadhna.

Canaidh Eideard Foster gu bheil iad a' sùileachadh gun tig lùghdachadh de 3.5% air an t-suim airgid a tha iad a' faighinn bho Righaltas na h-Alba.

Ach tha e a' toirt rabhaidh seachad cuideachd gun leudaich a' bheàrn ma bhios an gearradh nas motha.

Cuideachd Diardaoin, innsidh Rùnaire an Ionmhais dè an t-suim airgid a gheibh ùghdarrasan ionadail ann an Alba nuair a thèid buidseat an Riaghaltais a stèidheachadh.