Rabhadh mu ghearradh chuotathan

Muasgain chaola

Cha dèan an cuota a chuir an Comisean Eòrpach mu choinneimh ghnìomhachas an iasgaich air a' chosta an iar ach cron, a rèir Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

Thug na còmhraidhean anns a' Bhruiseil cuota nas motha dhan trosg, adag agus mac-làmhaich anns a' Chuan a Tuath, ach gearradh san rionnach agus ann an iasgach a mhuasgain chaoil air a' Chost an Iar.

Tha dùil gur e mar a chaidh nas lugha de mhuasgan-caola na bha ceadaichte a chur air tìr air a' chosta an iar am-bliadhna a dh'fhàg gun deach an gearradh a dhèanamh.

"Tha e a' ciallachadh an ath-bhliadhna gum bi timcheall air £15m nach tèid a ghlacadh, nach fhaodas a chur air tìr," thuirt Mgr MacAonghais, nach eil ag aontachadh ris an adhbhar sin.

Buidheann nan Crìochan

"Bidh sin a' toirt a-steach nam bàtaichean a tha ag iasgach air taobh an iar Alba agus cuideachd ceann a tuath Èireann.

"Agus nuair a sheallas sinn ris na puirt bho Chluaidh an sin gu tuath, agus na h-Eileanan an Iar, 's e muasgain chaola as motha a tha iad a' cur air tìr de luach de mhaorach sam bith eile, no de dh'iasg gheal sam bith eile.

"Tha an àireamh am-bliadhna a thathar a' cur air tìr nas lugha ri linn 's nach tàinig bàtaichean bhon chosta an ear a-nall, ri linn 's gun robh iad le criuthaichean nach buineadh dhan Roinn Eòrpa.

"Cha tàinig Buidheann nan Crìochan a-nall am-bliadhna idir a dhèanamh barrachd rannsachaidh air bàtaichean.

"Nam biodh na bàtaichean a tha sin air tighinn a-nall am-bliadhna mar a b' àbhaist dhaibh bhiodhte a' cheart cho àrd air a' chuideam cheadaichte 's a bhathas an-uiridh.

"A' coimhead air adhart, 's e Breatainn a tha a' glacadh a h-uile bud den chuideam cheadaichte a tha seo. Chan eil buntanas sam bith aig bàtaichean na Roinn Eòrpa ris.

"Agus mar sin 's ann air Alba agus air ceann a tuath Èireann a tha seo a' dol a thoirt buaidh as motha.

"Agus sinne mar ghnìomhachas, tha an àireamh bhàtaichean a th' air a bhith ann bho chionn 50 bliadhna, chan eil càil a bharrachd ga thoirt air.

"Agus ma tha stoc air a bhith maireannach airson còrr air 50 bliadhna, chan eil sinn a' faicinn càil as annas a' tachairt am-bliadhna.

"Feumaidh sinn smaoineachadh gur dòcha gun deach rudeigin ceàrr nuair a bha iad a' cur rudan ri chèile.

"Ged is e £15m a th' ann, sin an àireamh a thathar a' cur air tìr, tha tòrr a bharrachd luach air sin ann nuair a bheir thu a-steach na tha de dh'obraichean air tìr agus daoine a' faighinn am beò-shlaint an sin.

"Agus an lùib sin cuideachd, an fheadhainn a tha ga ghlacadh leis an tràlair, nuair a tha iad a' glacadh adaige 's truisg, a h-uile càil dheth sin feumaidh iad cuideam ceadaichte a bhith dha rèir airson an t-iasg a tha sin a chur air tìr a-nis.

"Agus mura h-eil cuideam ceadaichte aca airson an èisg ghil feumaidh iad sguir a dhol a-mach.

"Tha tòrr a bharrachd an lùib, agus mì-chinnt an lùib a' ghnìomhachais can sna bliadhnaichean a tha romhainn na bha sna bliadhnaichean a chaidh seachad," thuirt e.