Iomairt ath-chuairteachaidh Nollaige

Tionaichean proinnte Image copyright Getty Images

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cur ìmpidh air daoine, na 's urrainn dhaibh den sgudal aca ath-chuairteachadh thar na Nollaige 's na Bliadhna Ùire.

Thuirt neach-labhairt gu bheil tòrr a bharrachd sgudail a' cruinneachadh aig an àm seo den bhliadhna, agus gu bheil e iomchaidh cuimhne a chumail air an àrainneachd.

Tha pàipearan agus cairtean Nollaige, tionaichean de dhiofar sheòrsa, botail phlastaig agus poitean uile freagarrach airson ath-chuairteachaidh.

Tha a' Chomhairle cuideachd ag iarraidh air daoine gun a bhith a' tilgeil a' bhìdhe nach deach ithe chun na sitig.