Taigh-Dhealbh Cheann Loch Chille Chiarain

Taigh-dhealbh Cheann Loch Chille Chiarain Image copyright Gary Sutherland
Image caption Chaidh an taigh-dhealbh a dhùnadh ann an 2014 airson a leasachadh.

Fosglaidh Taigh-Dhealbh Cheann Loch Chille Chiarain às ùr dhan phoball an ath-sheachdain às deidh obair-leasachaidh mhòìr.

Chaidh an taigh-dhealbh, a chaidh a thogail ann 1913 ann an stoidhle art deco, a dhùnadh ann an 2014 agus chaidh £3.5m a chosg ga leasachadh.

'S e fear de na dhà thaigh-dhealbh ann an Alba air a bheil inbhe dìon A.

Chaidh an obair a mhaoineachadh le grantaichean bho Riaghaltas Westminster agus Dhùn Èideann, Maoin Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta agus le taic bhon phoball.

'S e am fiolm Star Wars ùr - The Last Jedi - a' chiad fhear a thèid a shealltainn anns an taigh-dhealbh nuair a dh'fhosglas e a-rithist Dihaoine, an 22mh là den Dùbhlachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo