Buaidh na h-aimsire air euslaintich

Sneachda Image copyright PA
Image caption Chaidh dragh a thogail mun bhuaidh a tha an t-sìde a' toirt air euslaintich

Chaidh ceist a thogail aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir mun bhuaidh a tha an t-sìde gheamhradail a' toirt air seirbheisean slàinte ann an sgìrean dùthchail.

Dh'fhaighnich am BPA Làbarach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Rhoda Ghrannd, dè na bha an Riaghaltas air a dhèanamh mu choinneimh na buaidh a tha an t-sìde gheamhradail a' toirt air seirbheisean slàinte ann an sgìrean iomallach.

Thuirt a' Bh-Ph. Ghrannd gun tàinig air aon duine £200 a chosg airson faighinn dhachaigh ann an tacsaidh às dèidh coinneimh aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis nuair a chaidh am bus aige a chur dheth.

Siubhal

Thuirt i gun robh dragh air daoine ann an Gallaibh leis gum feum barrachd dhiubh siubhal a dh'Inbhir Nis a-nis airson seirbheisean slàinte.

Tha maoimean-slèibhe air an rèile agus tubaistean rathaid air an sgìre "a ghearradh dheth" air a' Gheamhradh seo, thuirt i.

Thuirt am Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon gun robh i ag aithneachadh na buaidh a bha fìor dhroch shìde a' toirt air daoine ann an sgìrean iomallach.

Dh'iarr i co-obrachadh aig ìre ionadail airson a' buaidh a lùghdachadh cho math 's as urrainn.

Thog i cuideachd air an ath-sgrùdadh a tha NHS na Gàidhealtachd a' dèanamh air seirbheisean slàinte ann an Gallaibh.