Dragh mu mholaidhean foghlaim

Sgoil
Image caption Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' dèanamh dheth gum faodadh na h-atharrachaidhean barrachd uallaich a chur air ceannardan-sgoile.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air dragh a thogail mu phlanaichean Riaghaltas na h-Alba a bheireadh tuilleadh smachd do cheannardan-sgoile.

Dheadh cuideachd buidheann fhoghlaim ùr a stèidheachadh a ghabhadh a-steach grunn sgìrean de dh'Alba.

Thuirt Leas-Cheannard na Comhairle, Alasdair Christie, gun robh iad ag obair le ceannardan-sgoile feuch leasachaidhean a dhèanamh agus biurocrasaidh a lùghdachadh, ach nach robh iad a' gabhail ris gun robh structar ùr a dhìth a bheireadh cumhachd air falbh bhon Chomhairle.

Tha Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, air a ràdh gun toir seo barrachd saoirse do cheannardan-sgoile, agus gun toireadh sin piseach air ìrean foghlaim.

Tha dragh air Comhairle na Gàidhealtachd ge-tà, gur ann a thigeadh an tuilleadh uallaich air ceannardan-sgoile.

Sgrìobhaidh a' Chomhairle gu pàrantan agus tidsearan na sgìre tràth sa Bhliadhn' Ùir 's iad a' moladh dhaibh na molaidhean a leughadh agus am beachdan a chur a-steach mus tig a' cho-chomhairle gu ceann aig deireadh an Fhaoillich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile