Balach, 4, ga fhàgail air bus sgoile

John Robasdan

Tha làn-rannsachadh ga dhèanamh an dèidh dha tighinn am follais gun deach balach sgoile, aois 4, fhàgail air bus sgoile, agus gun deach a lorg leis fhèin air rathad trang ann an Inbhir Nis.

Thuirt a' chompanaidh bhus, D&E Coaches, gun deach dràibhear a' bhus a chur às a dhreuchd ri linn fìor mhì-ghiùlain, agus gur e "fìor bhriseadh dùil" a bh' anns na thachair. Thabhainn iad leisgeul air an teaghlach.

Dihaoine seo chaidh, chaidh am balach beag, John Robasdan, air a' bhus sgoile gu a dhachaigh ann an Ceasaig a' Tuath.

Ach tha e coltach gun do thuit e na chadal air an rathad dhachaigh à Bun-Sgoil Pholl Lòchaidh agus cha tug duine an aire nach tàinig e far a' bhus.

Chaidh am bus sgoile dhan gharaids ann an Inbhir Nis.

Lorg dithis bhoireannach am balach leis fhèin faisg air Drochaid Cheasaig, 's e a' feuchainn ri choiseachd dhachaigh.

"Tha dragh mòr dha-rìribh oirnn mu dheidhinn seo, agus tha sinn a' dèanamh làn-rannsachaidh leis a' chompanaidh aig a bheil cùmhnantan nam busaichean sgoile air mar a thachair e," thuirt tè-labhairt às leth Comhairle na Gàidhealtachd.

"Tha na Poilis cuideachd a' sgrùdadh na cùise."

Thuirt pàrantan a' bhalaich gun robh dùil aca gun robh am bus air dheireadh ri linn na h-aimsire.

Dh'innis a' chompanaidh bhus dhaibh gun deach John a leigeil aig a dhachaigh, ach an uair sin chaidh innse dhaibh nach robh e air a dhol air bòrd a' bhus ann.

Chuir iad fios air na Poilis, air caraidean is càirdean feuch a lorg.

Thuirt D&E Coaches nach do thachair a leithid roimhe, 's gum faigh luchd-obrach ùrachadh air an trèanadh aca.

"Tha sinn airson leisgeul dha-rìribh a thoirt do theaghlach a' bhalaich airson an dragh a chaidh adhbharachadh, agus tha sinn cho toilichte gun deach a lorg slàn sàbhailte," thuirt iad.

"Tha D&E Coaches air a bhith a' ruith chùmhnantan sgoile a-niste fad còrr air fichead bliadhna, agus tha 58 cùmhnant sgoile againn an-dràsta, a' giùlain 3,000 duine-cloinne gach là.

"'S e seo a' chaid uair a thachair dad den leithid gus smal a chur air a' chlàr againn, agus nì an ath-thrèanadh ùr cinnteach gum bi dràibhearan nas mothachaile, gus nach tachair e a-rithist."