Sgoil Ghàidhlig ùr "a b' fheàrr"

Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

'S e sgoil Ghàidhlig ùr, nas motha, a mhiannaicheadh Comhairle nam Pàrant ann an Inbhir Nis 's iad a' cumail fòraim shònraichte oidhche Ardaoin airson beachdachadh air na tha an dàn do dh'fhoghlam Ghàidhlig anns a' bhaile.

Tha Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis faisg air a bhith làn, agus ged a chaidh bruidhinn air dàrna sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh sa bhaile, chaidh co-dhùnadh gum faodadh gainnead thidsearan bacadh a chur air sin.

"Thàinig deagh àireamh de dhaoine a-mach, a dh'aindeoin na droch shìde. Bha mi 15 againn ann," thuirt Màiri Riddoch, a tha na ball de Chomhairle nam Pàrant.

"Agus bha deasbad gu leòr againn mu dheidhinn an t-suidheachaidh anns a bheil sinn, 's uiread de chloinn anns an sgoil, agus dè dh'fhaodadh sinn a dhèanamh.

Àrd-Sgoil

"Tha mi a' smaoineachadh aig deireadh an là, gur e sgoil ùr an aon roghainn a th' ann dhuinn.

"Mar a tha an làrach an-dràsta, far a bheil an sgoil, chan eil rùm ann mun cuairt air airson leudachadh - leithid na talla 's an canteen far am bi iad a' gabhail bìdhe.

"Tha e fada ro bheag mar thà, airson na th' ann de sgoilearan.

"Agus mar sin chan eil sinn a' faicinn gu bheil sìon eile a ghabhas dèanamh, 's chan eil na h-àireamhan ach a' sìor dhol suas," thuirt i.

Tha a' Bh-Ph. Riddoch ag ràdh gun robh na pàrantan an ìre mhath air an aon ràmh.

"Tha mi a' smaointinn gun robh. Bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn 's dòcha dà sgoil sa bhaile, ach tha mi a' smaointinn, mar a tha sinn, tha duilgheadasan againn uaireannan tidsearan fhaighinn airson an aon sgoil.

"Mar sin chan eil mi a' smaointinn gum biodh sin freagarrach - 's dòcha san àm ri teachd ma bhios an t-iarrtas sin ann.

"Ach an-dràsta 's e sgoil ùr a ghabhas an àireamh de chloinn as motha. 'S e sin a b' fheàrr.

"'S e bun-sgoil tha mi a' smaointinn am prìomh amas, ach nam b' urrainn dhuinn sgoil bho thrì gu 18 a bhith ann, bhiodh sin glè mhath cuideachd," thuirt i.

Chuir Comhairle nam Pàrant litir gu pàrantan na sgoile uile, ag iarraidh am beachdan, agus thèid na beachdan a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd.