Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois.

15 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bàta

Chaidh soitheach bathair a th' air a bhith gun chumhachd an iar air na Hearadh bho an-dè, a cheangal ri bàta-slaodaidh nam Maor-Cladaich. Chaill am Fame, a tha a' giùlain biadh èisg, cumhachd an einnsein mu leth-uair an dèidh còig an iar air Tarasaigh. Tha Teàrlach Quinnell ag aithris...

Chuir am Fame, air a bheil còignear chriutha, brath èiginn a-mach mu leth-uair an dèidh còig feasgar an-dè, ag innse gun robh iad air cumhachd an einnsein a chall an iar air Tarasaigh, far chosta an iar na Hearadh. A dh'aindeoin ghaoith mhòir, chaidh aig a' chriutha air dà acair a chur an sàs, feuch an soitheach a chumail ann an uisge domhain fhad 's a bha iad a' feitheamh air na maoir-chladaich. Chaidh bàtaichean-teasairginn an t-Òib agus Steòrnabhaigh, agus heileacoptair nam Maor-Cladaich a-mach a chumail faire oirre fad na h-oidhche. Tha bàta-slaodaidh nam Maor-Cladaich, a tha stèidhichte ann an Arcaibh, a-niste air an làrach a ruighinn, 's chaidh loidhne a cheangal ris an t-soitheach gus a toirt air falbh airson obair-càraidh. Thill bàta-teasairginn an t-Òib gu port, ach tha bàta-teasairginn Steòrnabhaigh fhathast an làthair.

Èigneachadh

Tha Scotland Yard a' dèanamh sgrùdadih air cùis èigneachaidh a thuit as a chèile a chionn 's gun do dh' fhailich e air na poilis innse mu phìos fhianais gu math cudromach. Chaidh a' chùis lagha an aghaidh Liam Allan, a tha dhà thar fhichead, a stad aig Cùirt a' Chrùin ann an Croydon an-dè nuair a nochd e gu robh an neach a bha fàgail chasaidean na aghaidh air teachdaireachdan a chuir thuige anns an robh i ag ràdh gu robh i ag iarraidh feise ris.

EU

Tha dùil gun aontaich ceannardan an Aonaidh Eòrpaich gu foirmeil an- diugh gu faodar gluasad air adhart chun na h-ath ìre de chòmhraidhean Bhrexit aig a' choinneimh aca sa Bhruiseal. Bhiodh sin a' ciallachadh gun gluaiseadh còmhraidhean gus bhith a' coimhead air a' chàirdeas san ùine fhada a bhios eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an EU. Thuirt Prìomhaire na h-Èireann, Leo Varadkar, gu faodadh an ath-ìre a bhith nas duilghe na chiad phàirt dha na còmhraidhean.

Balach

Thathar a' rannsachadh mar a chaidh balach beag aois ceithir bliadhna fhàgail air bus na sgoile ann an Inbhir Nis. Chaidh am balach a lorg leis fhèin air rathad trang anns a' bhaile an dèidh dha bhith air fhàgail air bòrd a' bhus aig ionad nam busaichean. Thuirt a' chompanaidh D&E Coaches aig a bheil bheil an cùmnant gus sgoilearan a' ghiùlan eadar bun-sgoil Pholl Lòchaidh agus Ceasag a Tuath, gun deach an dràibhear a chuir às a dhreuchd ri linn fìor mhì-ghiùlain.

Ryanair

Tha Ryanair air aontachadh inbhe a thoirt do dh'aonaidhean nam pìleatan airson a' chiad uair nan eachdraidh. Seo ann an oidhirp stailc a sheachnadh ro àm na Nollaige. Ann an aithris sgrìobhte, thuirt a' chompanaidh gu robh iad air cuireadh a thoirt do dh'aonaidhean bho ghrunn dhùthchannan Eòrpach tighinn gu còmhraidhean an ath-sheachdain. Dh'iarr iad air luchd-obrach stailc a th'anns an amharc airson Diciadain a chur dheth.

Tubaist

Thuirt Poilis Alba gun deach grunn dhaoine, clann nam measg, a ghoirteachadh ann an tubaist anns an robh bus sgoile, làraidh agus càr an sàs. Thachair an tubaist air iomall bhaile Obar Dheathain goirid ro ochd uairean madainn an-diugh.