Leudachadh air L'Arche an Inbhr Nis
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leudachadh air L'Arche an Inbhir Nis

15 An Dùbhlachd 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha buidhean-chathrannais air a' Ghàidhealtachd a tha a' cuideachadh dhaoine le duilgheadasan ionnsachaidh, an dùil leudachadh a dhèanamh air na seirbheisean aca.

Aig an ìre-sa tha na h-uidhir de dhaoine a' fuireach làn uine anns an ionad aig L'Arche ann an Inbhir Nis, le feadhainn eile a' tighinn a-steach tron t-seachdain airson bùidean-obrach.

Tha L'Arche a-nis airson taigh fa leth a thogail sa bhaile a bheir àite còmhnaidh do dhaoine bho phàirtean nas iomallaiche den Ghàidhealtachd.

Mar thoradh air a sin tha iad a' sireadh luchd-obrach saor-thoileach a bharrachd.

Seo Magaidh NicFhionghain.