Owen Coyle feargach

Buaireadh Image copyright SNS

Thug manaidsear Ross County slaic air an rèitire às dèidh dhan sgioba aige call 3-2 ri Hamaltan.

Chuir Dougie Imrie Accies air thoiseach sa chiad leth le breab-peanais - ged a bha County gu làidir den bheachd nach robh còir breab-peanais a bhith ann idir.

Bha connspaid gu leòr sa gheama anns na mionaidean mu dheireadh, le Craig Curran a' cur a' bhuill dhan lìon (73) 'son County às dèidh dha fàiligeadh an toiseach le oidhirp bho bhreab-peanais.

Cha mhòr sa bhad chaidh Accies air ais air thoiseach a-rithist tro Georgios Sarris, is Kenny an der Weg a' freagairt an uairsin 'son County.

Bha tionndadh no dhà eile ann ge-tà, Mìchael Gardyne aig County ga chur far na pàirce mus do chuir Jamie Lindsay am ball dhan lìon aige fhèin sa mhionaid mu dheireadh is Accies a' soirbheachadh 3-2.

Buaireadh

Chaidh an ceòl an uairsin air feadh na fìdhle is buidheann de chluicheadairean is fiù 's oifigich bho gach taobh a' dol an sàs ann an àimhreit.

Air a' cheann thall chaidh Giannis Skondras aig Hamaltan a chur far na pàirce.

Cha robh Owen Coyle air a dhòigh às dèidh làimhe.

"A bhith a' falbh às a seo gun phuing idir - 's e sin, tha mi an amharas, ana-ceartas cho mòr 's a bh' agam ann am ball-coise", thuirt Coyle.

"Tha leisg orm slaic a thoirt air rèitirean oir tha obair dhuilich aca, ach cuid de na co-dhùnaidhean mòra sa gheama sin....wow!

Do-chreidsinneach

"Feumaidh mi a bhith faiceallach, ach shaoil mi gun robh cuid de na rudan a chaidh nar n-aghaidh an sin iongantach".

Thuirt Coyle ge-tà, gun do bhruidhinn e ris na cluicheadairean aige mun bhuaireadh aig deireadh a' gheama.

"Chan eil àite ann 'son sin is tha mi air sin innse dhaibh gu follaiseach", thuirt Coyle.

Tha County a-nise air tuiteam dhan 11mh àite san lìog is iad a' siubhail a chluiche Hibs Disathairne.

Bha là na b' fheàrr aig Caley Thistle Inbhir Nis san Championship.

Rinn tadhal bho Carl Tremarco sa chiad leth a' chùis dhaibh is iad a' soirbheachadh 1-0 an aghaidh Dhùn Bhreatainn aig an taigh.

Sreap

Chuir na trì puingean ICT suas dhan 7mh àite san lìog.

Ged a tha coltas ann aig an ìre seo gum bi Dundee United is St Mirren a' strì airson an tiotail, tha Inbhir Nis a' gluasad nas fhaisge air a' bhuidhinn de sgiobaidhean a tha ag amas air àite anns na geamaichean dearbhaidh aig deireadh an t-seusain.

Bidh cothrom aca adhartas a bharrachd a dhèanamh Disathairne nuair a thèid iad an aghaidh Morton ann an Grianaig.