Feumar guth na croitearachd a thogail a thaobh Brexit

Taobh a' Chaolais, Uibhist a Deas
Image caption Feumar guth a thogail airson nan sgìrean iomallach a thaobh Brexit, a rèir Niall MhicLeòid a bha na chathraiche air Bunaid na Croitearachd.

Mura bithear garbh faiceallach, dh'fhaodadh Brexit a bhith na chùis-uabhais gu tur do chroitearachd, 's dhan Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan air fad.

Sin an rabhadh a thàinig bho Chathraiche Caidreachas na Croitearachd aig coinneimh den chomhairle stiùiridh aca air an deireadh-sheachdain.

A rèir a' Chaidreachais, chan eil croitearachd - agus sgìrean iomallach san fharsaingeachd - a' faighinn aithne cheart ann an ullachadh mu choinneimh Brexit.

Cothroman

Thuirt Cathraiche na buidhne Russell Mac a' Ghobhainn, ma thathas airson daoine a chumail ann an sgìrean iomallach, anns na h-eileanan agus air a' Ghàidhealtachd, gum feum Buill-Phàrlamaid aig Holyrood agus Westminster a bhith mothachail gu bheil taic àiteachais cudromach.

A' bruidhinn aig an aon choinneimh, thuirt Niall MacLeòid, a bha na chathraiche air Bunait na Croitearachd, gu bheil e nàdarra gu leòr iomagain a bhith air daoine, ach gu bheil esan gu pearsanta, dòchasach a thaobh Brexit.

"Tha mi an làn-dùil gum bi e a' toirt cothrom dhuinn, ach feumar a bhith ag innse dha na daoine ann an cumhachd dè tha a dhìth oirnn - feumar a bhith làidir nar guth.

"Bha croitearan an ìre mhath riaraichte leis an airgead a bha iad a' faighinn bhon Roinn Eòrpa, ach cha robh leis na riaghailtean.

"Tha an àrainneachd againn cudromach 's tha e foilleasach gu bheil turasachd air leudachadh a thaobh seo 's bidh na daoine sin a' dol dhachaigh le deagh naidheachd mu cho math 's tha sinne a' dèanamh leis an àrainneachd", thuirt e.